|
Na nì sinn dhuibh:
-
Eadar-theangachadh profaiseanta bhon a' Ghàidhlig agus dhan a'
Ghàidhlig
Leabhraichean, bileagan, postairean, làraich-lìn,
ionadachadh bathair-buig, litrichean is tatùthaichean ... rud sam bith!
Chan eil eadar-theangachadh ann a tha ro bheag no ro
mhòr dhuinn.
Tha Pacaid nam Meanbh
Eadar-Theangachaidhean againn a' gabhail a-steach eadar-theangachadh
suas gu 150 faclan,
tar-sgrìobhadh chun na h-Aibidile Fuaim-eòlach
Eadar-nàiseanta, tar-sgrìobhadh
gu cruth-clò tradaiseanta agus clàrachadh gutha an
eadar-theangachaidh agaibh. Agus cha
chosg e ach £15.
-
Dearbhachadh eadar-theangachaidhean
Dèan cinnteach gu bheil an teacs agad ceart a thaobh
litreachaidh, gràmair is rudan nach canadh Gàidheal.
-
Comhairleachadh Cànanachais
Treòraichean fuaimneachaidh do dh'fhaclairean
is leabhrain chànain, soidhneachadh is leubaileachadh dà-chànanach...
-
Trèanadh
Fuamneachaidh
Oideachadh mar a nithear fuaimean neo-aithnichte na
Gàidhlig gu ceart. Faodaidh seo tachairt ann am buidhnean
beaga no 1-1. Deagh chothrom airson dhaoine no
bhuidhnean a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig, chòisirean...
|